News and Events
Naidheachdan agus Tachartasan
Seo liosta thachartasan aig an do nochd Sandaidh rè an dà bhliadhna aice san dreuchd mar Bhàrd a’ Chomuinn 2019-2021. Nochd i beò le bàrdachd agus òrain aig StAnza sa Mhàrt 2020; agus aig Fèis Bhaile na h-Ùige agus a' Mhòd Nàiseanta san Dàmhair 2021; san eadar-ama, chaidh na tachartasan uile aice agus nochdadh aig cuirmean agus fèisean litreachais uile air loidhne, air sgàth nam bacaidhean an lùib galar lèir-sgaoilte Covid.
Nochdaidh fios mu thachartasan ri tighinn an seo cuideachd.
Nochd Sandaidh aig diofar thachartasan air loidhne agus bhiortail ann an 2020: ann an còmhradh le Meg Bateman san Lùnastal; aig ‘Taigh nam Bàrd’ aig Mòd Nàiseanta air loidhne san Dàmhair; agus aig dà thachartas a’ comharrachadh Seachdain Leabhraichean na h-Alba san t-Samhain: ‘Còmhraidhean Cruthachail’ aig Oilthigh Ghlaschu, agus airson Ceòlas Uibhist agus Fèis Leabhraichean Uibhist.
Sa bhliadhna 2021, nochd Sandaidh air loidhne aig cuirm Comunn Gàidhlig Lunnainn agus YPO California sa Ghearran. Bha i an sàs ann an sreath thachartasan 'Dithis', a’ leughadh a bàrdachd, a' gabhail nan òran aice agus ann an còmhradh, còmhla ri na leanas: Màrtainn Mac an t-Saoir san Ògmhios; an Ollamh Máire Ní Annracháin san Iuchar, agus Alasdair Mac’Illebhàin san Lùnastal. Nochd Sandaidh cuideachd aig Fèisean Leabhraichean Bhaile na h-Ùige agus Nis san t-Sultain agus aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Inbhir Nis san Dàmhair.
Tha Sandaidh air dà leabhar ùr fhoillseachadh ann an 2021: 'An Naomhsgeul as Buaine' (Sallan Ltd, Samhain 2021); agus 'An Seachdamh Tonn' (Acair, Ògmhios 2021). Tha 'An Seachdamh Tonn' air an liosta airson Duais Leabhair na Gàidhealtachd 2021.
San Fhaoilleach 2022, thòisich Sandaidh ann an dreuchd ùr, mar Stiùiriche Riaghlaidh aig Sabhal Mòr Ostaig.
Here is a list of engagements at which Sandy appeared during her two-year tenure of the post of Gaelic Crowned Bard 2019-2021. She performed her poetry and songs live at StAnza in March 2020, and at the Wigtown Book Festival and Royal National Mòd in Inverness in October 2021; in between those dates, her performances at literature festivals and other events went online during Covid pandemic restrictions.
Future appearances will feature here, too.
Sandy appeared at various online and virtual events in 2020: in conversation with Meg Bateman in August; at ‘The Poets’ House’ at the virtual National Mòd in October; and at two events marking Book Week Scotland in November: Glasgow University’s ‘Creative Conversations’ and for Ceòlas Uist and the Uist Book Festival.
In 2021, Sandy performed online for the Gaelic Society of London and the YPO of California in February. She was involved in a series of events 'Dithis - Two People', performing her poetry and songs and in conversation with the following: Martin MacIntyre in June; Prof Máire Ní Annracháin in July, and Alasdair Whyte in August. She also appeared at the Wigtown and Ness Book Festivals in October and at the Royal National Mòd in Inverness in October.
Sandy published two new books in 2021: 'The Most Enduring Saint's Fable' (Sallan Ltd, November 2021); and 'The Seventh Wave' (Acair, June 2021). 'The Seventh Wave' is long-listed for the Highland Book Prize 2021.
In January 2022, Sandy started a new role as Director of Governance at Sabhal Mòr Ostaig.